Skip to main content
Ref no:
CNS04599
Published:
19/04/2024
Closes:
22/04/2024
Location:
Comhairle nan Eilean Siar Council Offices Sandwick Road Stornoway Isle of Lewis, HS1 2BW
Salary:
£17,479 per year
Contract Type:
Temporary
Position Type:
Full Time
Hours:
35 hours per week

Job Description

DIOPLÒMA IAR-CHEUMNACH ANN AM FOGHLAM – GÀIDHLIG
£17,479 per annum (inclusive of £1,371 Distant Islands Allowance)

Tha Comhairle nan Eilean Siar a’ sireadh thagraidhean bho dhaoine a tha coilionadh ìrean ìnntrigidh, aig a bheil ceum freagarrach ‘s aig a bheil ùidh ann an dreuchd teagaisg. A-rèir Poileasaidh Gàidhlig mar Chiad Chànan na Comhairle, thathas a’ lorg dhaoine a tha comasach air na cuspairean a leanas a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig no bhiodh deònach trèanadh gus sin a dhèanamh. ‘S iad na cuspairean sònraichte ris an cuireadh a’ Chomhairle taic airson teagasg àrd-sgoile: Teicniceachd, Ceimigeachd, Matamataig agus Eaconomas-Dachaigh. Gheibh tagraichean a tha coilionadh nan iarrtasan sin tuilleadh fiosrachaidh mun taic a bhithear a’ tabhann bhon Chomhairle.

Feumar a bhith an sàs ann an obair an Dioplòma Iar-Cheumnaich làn ùine airson bliadhna acadaimigeach (Sultain – An t-Ogmhios). Thèid cosgaisean a’ chùrsa a phàigheadh agus gheibhear taic-airgid airson na bliadhna gu lèir. Tha an ìre taic stèidhichte air cuibhreann de sgèile pàighidh Thidsearan Pròbhaidh. Bidh gealltanas aig oileanaich air bliadhna pròbhaidh anns an ùghdarras airson bliadhna an dèidh dhaibh an Dioplòma a chrìochnachadh. Thèid tairgse de chosnadh maireannach a dhèanamh nuair a bhios an ùine dearbhaidh deiseil mar as còir, le 0.6FTE (3 làthaichean) aig a’ char as lugha cinnteach, suas gu cosnadh làn-ùine, a rèir cuspair agus feumalachdan na seirbheis.

‘S ann tro bhith coilionadh shlatan-tomhais sgeama STEM Teacher Education Bursaries for Career Changers Home (teachingbursaryinscotland.co.uk) a thèid co-dhùnadh am faigh luchd-tagraidh taic. Thathar an dòchas gun ruith an sgeama seo a-rithist ann an 24/25 ach tha sinn a’ feitheamh dearbhaidh.

Ceann-latha dùnaidh: Diluain 16 An Giblean 2024

  • Disability Confident Employer - Employer
  • Scottish Living Wage